Select here to go directly to the document text
 
  
Parliamentary Business Visit, Learn, Interact MSPs News, Media & Events About the Parliament
Dachaigh Ghàidhlig > Dachaigh Bheurla > ..air ais

Fios Naidheachd

 

1

 

                                   

24 Ògmhios 2010

 

COMATAIDH AIR AIRE A THARRAING AIR EASBHAIDHEAN ANN AN ACHD SLÀINTE-INNTINN

Daoine paipeir ann an cearcall. Dealbh: Sqback / iStockphoto Thathar air aire a tharraing mar adhbhar-iomagain air cion fiosrachaidh a cheadaicheadh sgrùdadh is measadh coileanta a dh’fhaighinn a-mach a bheil Achd Slàinte-inntinn (Cùram agus Làimhseachadh) (Alba) 2003 a’ lìbhrigeadh nan dleastanasan na lùib a thaobh co-ionannachd agus cion claonaidh ann an aithisg le Comataidh Co-ionannachd Chothroman, a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Thàinig an aithisg an dèidh an sgrùdaidh a rinn a’ chomataidh air an Achd an dèidh dhi nochdadh. Tha an Achd air còraichean reachdail a thoirt dhan a h-uile duine air a bheil duilgheadas a thaobh slàinte na h-inntinn a’ cur còir air cothrom a bhith aca air seirbheisean-tagraidh neo-eisimeileach. Tha i cuideachd air toirt mar fhiachaibh air bùird-slàinte agus ùghdarrasan ionadail dèanamh cinnteach gum bi na seirbheisean seo rim faotainn.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Mairead Mitchell BPA:

“Tha e deatamach fhèin gun tèid reachdas ris an cuir a’ Phàrlamaid seo a h-aonta a mheasadh gus a dhèanamh cinnteach gu bheil e freagarrach agus gu bheilear ga chur an gnìomh.

“Tha a’ chomataidh air aire a tharraing air caochladh raointean far a bheil easbhaidhean, rud a than a adhbhar-iomagain, cho math ri leasachaidhean a tha a dhìth, gus a dhèanamh cinnteach gu bheil a dhà de na prionnsabalan mòra a tha mar bhunait ris an Achd seo, is e sin co-ionannachd agus cion claonaidh, gan toirt a-mach.

“Chuala i, mar eisimpleir, gu bheil bruthadh dha-rìribh air seirbheisean-tagraidh nach eil rim faotainn don fheadhainn as motha aig a bheil feum air an t-seirbheis seo.

“Tha ceist oirre, bhon fhianais a fhuair i, gu bheil an coltas ann nach eil na seirbheisean seo gan toirt seachad ach le rianachd-èiginn, seach le cur an gnìomh ro-innleachdan anns an ùine fhada.

“Tha ceist air a’ chomataidh cuideachd nach eil dearcnachadh air an Achd, agus gu sònraichte dleastanasan nan Ùghdarrasan Ionadail fo earrann 26 den Achd, gan dèanamh tuilleadh leis a’ Choimisean mu Shochair-inntinn fo atharrachaidhean a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid fo Achd Ath-leasachaidh air Seirbheisean Poblach (Alba) 2010.

“Tha Comataidh Co-ionannachd Chothroman ag iarraidh soilleireachaidh uime sin a thaobh mar a thèid seo a dhearcnachadh anns an ùine air thoiseach."

Tharraing an aithisg aire air an ìre a leanas cuideachd:

  • Ceistean mu easbhaidhean anns an ìre de thagradh a tha ann (tagradh do phrìosanaich, rud nach eilear ga thoirt seachad, anns an àireamh). A thaobh seo, tha a’ chomataidh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba, mar chuid den sgrùdadh a nì e air Ath-bhreithneachaidh MhicMhanais, sealltainn gu dlùth air a’ cheist mu riarachadh gus a dhèanamh cinnteach gum bi tagradh ri fhaotainn don fheadhainn sho-leònte uile, chan e dìreach an fheadhainn a tha nan chùisean-èiginn.   
  • Am feum a tha ann a dhèanamh cinnteach gum bi cothrom aig luchd-cùraim gun chosnadh air na seirbheisean uile a bhios a dhìth orra gus am bi e comasach dhaibh an obair luachmhor aca a thoirt gu buil. Tha a’ chomataidh den bheachd gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba barrachd meòrachaidh a dhèanamh mun cheist mun ìre de thagradh a tha ann do luchd-cùraim  a rèir an Ro-innleachd do Luchd-cùraim aige.
  • Mar a thathar a’ fàilligeadh an t-amas gus an ìre de chloinn is de dheugairean a chuirear ann an leapannan do dh'inbhich sna taighean-eiridinn a lùghdachadh, rud a bhios a' fàgail gu tric nach fhaigh an neach òg an cùram a fhreagras air aois aige air a bheilear airidh.

Is e an neach-fiosrachaidh airson nam meadhanan:

Ann Donald: 0131 348 5605  Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte

Post-dealain: ann.donald@scottish.parliament.uk

Airson fiosrachadh sònraichte fhaotainn mun Chomataidh, cuiribh fios gu:

David McLaren: 0131 348 5216  Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte

Post-dealain: david.mclaren@scottish.parliament.uk

 

Airson fiosrachaidh mu na comataidhean air fad aig Pàrlamaid na h-Alba, rachaibh gu:

www.scottish.parliament.uk/business/committees/index.htm

Gus sealltainn air gnothaichean beò aig comataidhean no a' Phàrlamaid is anns an t-Seòmar, no air stuth air a thasgadh, rachaibh gu:

www.holyrood.tv/

Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org  

Faodaidh tu a-nis fios a chur chun Phàrlamaid le teachdaireachd teacsa. Leigidh an t-seirbheis eadar-ghnìomhach againn ainm do BhPA fhaighinn le bhith a’ cur do chòd-puist thugainn, leigidh e leat ceistean fhaighneachd mun Phàrlamaid agus a cuid obrach, agus leigidh e leat bileagan an-asgaidh iarraidh. Is e an àireamh ri chleachdadh 07786 209888. Cosgaidh teacsan ìrean lìonra àbhaisteach. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air ar Duilleag Seirbheis Teacsa.