Fios Naidheachd
TAIC BHO CHOMATAIDH RI BUIDHEANN-ÈISTEACHD NÀISEANTA DO CHLOINN
9 Ògmhios 2010
Ghabh aon bhuidheann nàiseanta an àite nam pannal-cloinne ceum eile air thoiseach an-diugh nuair a dh’fhoillsich Comataidh Foghlaim, Ionnsachaidh Fhad-bheatha agus Cultair an aithisg aig Ìre 1 aice mu Bhile Buidhnean-èisteachd Cloinne (Alba).
Leughaibh aithisg na comataidh
The e mar amas aig a’ Bhile bunait an t-siostam a tha air a bhith ann 40 bliadhna mu èisteachd mu chloinn ùrachadh is neartachadh gus a dhèanamh cinnteach gum bi co-dhùnaidhean neo-eisimeileach mu shochairean cloinne le pannal uallaichte de dhaoine san t-sreath.
Thigeadh am Bile a-steach an àite an t-siostam a tha ann an-dràsta far am bi gach ùghdarras ionadail a’ cur pannail air bhonn agus an àite sin bhiodh aon bhuidheann nàiseanta ann air am biodh Buidheann-èisteachd Cloinne Alba (CHS) le Neach-gairm Nàiseanta an ceannas oirre. Rachadh an èisteachd fhèin a chumail sna coimhearsnachdan ionadail, ge-tà.
Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Karen Whitefield BPA: “Dh’aontaich a’ Chomataidh taic a chur ri prionnsabalan coitcheann a’ bhile, ged a bha ceist ann gum biodh mòran an crochadh air beachdan ge b’ e dè cò rachadh a chur an dreuchd mar neach-gairm nàiseanta. Is e a’ cheist as motha a tha air a’ chomataidh dèanamh cinnteach gun tèid cumhachdan siostam buidhnean-èisteachd na cloinne a neartachadh agus gun dèanar co-dhùnaidhean fhathast a tha gu leas a' phàiste."
Chomharraich a’ chomataidh na leanas cuideachd:
• Ceist mu chion an fhiosrachaidh mu dhealbh-obrach an Neach-ghairm Nàiseanta.
• Ceist nach beag mu atharrachaidhean air mìneachadh an neach iomchaidh, pàrant mar as trice, a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air a’ cheangal a bhios aca ri buidhnean-èisteachd na cloinne.
• Ceist mun chùis gun rèiteach mu chlàr eucorach aig cloinn nuair a bhios iad nan inbhich.
• Gum bu chòir gun gabhadh Riaghaltas na h-Alba beachd air moladh gun tèid aithisg a thoirt mu bheachdan a’ phàiste mu èisteachd.
Is e an neach-fiosrachaidh airson nam meadhanan:
Ann Donald: 0131 348 5605
Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte
Post-dealain: ann.donald@scottish.parliament.uk
Gus fiosrachadh fhaotainn mun Chomataidh, cuiribh fios gu:
Eugene Windsor: 0131 348 5204
Conaltradh RNID TypeTalk dì-beathte
Post-dealain: eugene.windsor@scottish.parliament.uk
Nach tadhail sibh air an làrach-lìn againn aig: www.parlamaid-alba.org
Faodaidh tu a-nis fios a chur chun Phàrlamaid le teachdaireachd teacsa. Leigidh an t-seirbheis eadar-ghnìomhach againn ainm do BhPA fhaighinn le bhith a’ cur do chòd-puist thugainn, leigidh e leat ceistean fhaighneachd mun Phàrlamaid agus a cuid obrach, agus leigidh e leat bileagan an-asgaidh iarraidh. Is e an àireamh ri chleachdadh 07786 209888. Cosgaidh teacsan ìrean lìonra àbhaisteach. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air ar Duilleag Seirbheis Teacsa.
|